Manaidseadh d' Airgead in Spending

Brought to you by

Gu tric tha e doirbh smachd a cumail air d’ airgead agus na cosgaisean agad. Seo beagan fiosrachaidh a dh’ fhaodadh do chuideachadh leis.

‘S ann mu dheidhinn smachd a’ cumail air d’ airgead a th’ ann am buidseatadh. Cuideachaidh buidseat thu an sùim de airgead a th’ agad obrachadh a-mach, cò air an fheumas tu a bhidh ga chosg agus innsidh e dhut na tha agad air fhàgail airson a bhidh a’ chosg air stuthan eile a tha thu ag iarraidh.

Bu chòrr buidseat do chuideachadh le plana a’ cruthachadh airson d’ airgead a chosg agus caomhnadh gus dàimh fallainn a’ cruthachadh eadar sibh fhèin agus d’ airgead.

Cruthaich Buidseat Pearsanta

Cruthaich siota-buidseat. ‘S e seo an dòigh as fhasa buidseatadh.

Cruthaich liosta de na sùimean airgead a tha agad a’ tighinn a- steach gach mìos agus liosta eile de na nithean air a dh’ fheumas tu a bhidh ga chosg. Seallaidh seo dhut na th’ agad air fhàgail nuair a tha thu air do bhilean a’ phàigheadh. Bu chòrr dhut an uair sin a bhidh ag amas air na tha thu airson a bhidh a’ chosg gach mìos air nithean nach eil a dhith ort, ach dèan cinnteach gu bheil an sùim seo reusanta, ma tha i robh ìosail cha cumaidh tu ris.

Cur rudan mar a leanas a-steach ann:

  • Màl
  • Bilean
  • Cìsean comhairle
  • Cosgaisean fòn-làimh
  • Còmhdhail
  • Biadh agus deoch
  • Stuth-iomlaid no maise-gnùis
  • Cùrsaichean, clasaichean no ballrachdan
  • Irisean no pàipearan-naidheachd
  • Leabhraichean, CDs agus DVDs
  • Fèisteas – taigh-dealbh no a’ dol a-mach le do chàraidean etc.
  • Prèasantan – Cò-làithean breith, Nollaig etc.

Bu chòrr dhut a bhidh a’ sgrìobhadh liosta gach mìos de na thu a’ chosg air gach fear de na rudan seo. ‘S docha gum bidh thu a’ chosg barrachd na bha thu an dùil air feadhainn dhiubh agus nas lugha air feadhainn eile agus cuidichidh liosta leis a bhidh a’ cumail d’ aire air seo. Coimhead tharais air do bhuidseat gach mìos gus faighinn a-mach far a bheil thu a’ chosg cus agus obraich a-mach ma tha thu comasach beagan airgead a’ sàbhaladh.

Ma lorgar cosgaisean a tha robh àrd no anns nach eil mòran leas, sguab às i airson là, seachdain no fiù ‘s mìos gus an diofair a dhèanas seo dhut fhaicinn.

undefined

Manaidsich Do Chunntasan Banca

Gu tric tha e doirbh d’ airgead a’ mhanaidseadh, ach tha e gu math cudromach gu bheil thu ga dhèanamh. Leis gu bheil an t-uabhas de dòighean ann a bhidh a’ pàigheadh airson nithean is seirbheisean, tha e gu math furasta a’ call smachd air na tha thu air a’ chosg agus na tha agad air fhàgail nad cunntas-banca.

Beagan gliocasan airson do chunntasan-banca a’ mhanaidseadh:

  • Cùm do bhannan-cuidhteis
  • Faigh bann-cuidhteis gach uair bhon t-inneal-airgead
  • Cùm liosta de seicichean sam bith a tha thu a’ sgrìobhadh.
  • Cruthaich no cùm liosta de gach cosgais a’ chuireas tu air do chairt-banca
  • Cùm d’ aire air na h-òrdughan seasmhach agus fiachan-dìreach agad
  • Sgrìobh buidseat airson an seachdain, am mìos agus am bliadhna
  • Cleachd bancaireachd air-loidhne cho tric ‘s a ‘s urrainn dhut airson smachd a’ cumail air na tha agad nad cunntas-banca.

Ma tha barrachd fiosrachadh a dhìth mu d’ airgead a’ mhanaidseadh, tha an làraich Budgeting and Managing Money aig am Money Advice Service gu math taiceil.