Ag Ionnsachadh Ionnsramaid-Ciùil

Brought to you by

Tha cuid de daoine airson ionnsramaid-ciùil ùr ag ionnsachadh. 'S urrainn seo a bhidh na cùis gu math eagalach aig a chiad dol a-mach, leis an t-uabhas taghaidhean an sàs innte - bho cò an ionnsramaid am bu chòrr dhut a bhidh a’ taghadh, gu an taghadh eadar do theagaisg fhèin no leasanan a’ ceannachd. Seo agad na gliocasan againn airson ionnsramaid-ciùil ag ionnsachadh!

undefined

A’ taghadh an ionnsramaid ceart

An e do chiad turas a’ fheuchainn ri ionnsramaid-ciùil ag ionnsachadh? Mur e, ‘s docha gum biodh e nas fheàrr dhut ionnsramaid nach eil a’ chosg an t-uabhas a’ taghadh mar eisimpleir an giotàr no an fhìdeag. Leis a bhidh a’ dèanamh seo ‘s urrainn dhut sgilean ciùil ag ionnsachadh gun a bhidh a’ toirt seachad cus airgead air ionnsramaid cosgail mar na drumaichean no am bocsa-ciùil, gus an obraich thu a-mach ma tha thu airson cumail ort leis.

As dèidh greiseag, nuair a thathar cinnteach gu bheil thu fhathast airson do chumail ort ag ionnsachadh ionnsramaidean-ciùil, ‘s urrainn dhut an uair sin ionnsramaid-ciùil a tha a’ chosg beagan a bharrachd a’ cheannach agus bidh thu air sgilean ag ionnsachadh air a chiad ionnsramaid a chuidicheas thu leis am fear ùr! ‘S urrainn dhut ionnsramaidean fhaighinn ath-làimhe cuideachd agus chan eil iad seo a’ chosg an urrad ‘s a tha ionnsramaidean ùr. 

undefined

Feuch an ionnsramaid ron a bhidh ga cheannach

Feumar a bhidh cinnteach gu bheil thu air an ionnsramaid ceart a’ taghadh dhut fhèin. ‘S e an dòigh as fheàrr seo a’ dhèanamh a bhidh ga feuchainn ‘s ga chluich beagan (no fiù ‘s dìreach greim a’ gabhail air mar nach eil thu comasach càil a’ cluich fhathast) gus faireachdainn fhaighinn airson na h-ionnsramaid. Biodh e math ma bha càraid no cuideigin a tha càirdeil dhut a tha comasach an ionnsramaid a’ cluich ann cuideachd gus an ionnsramaid fheuchainn.

A’ ceannach ionnsramaid ann am bùth-ciùil

‘S e seo an dòigh as fheàrr ionnsramaid-iùil ùr a’ ceannach. Cuid den àm lorgar prìsean beagan nas ìsle air-loidhne, ach chan eil an cothrom an sin airson an ionnsramaid fheuchainn agus uaireannan tha trioblaidean ann far a bheil ionnsramaidean air am milleadh sa phuist.

Ged’s gum bidh ionnsramaidean daonnan a’ chosg beagan a’ bharrachd ann am bùth-ceòl, chan eil trioblaidean den leithid an sàs ann agus tha buannachd mòr eile – na luchd-obrach! Tha iad gu bhidh toilichte do chuideachadh agus bidh iad làn fiosrachaidh mu na diofair h-ionnsramaidean is co-chiontaichean a tha ri fhaighinn sa bhùth.

‘S urrainn dhut innse dhaibh mun seòrsa ionnsramaid a tha airson a’ ceannach, an ìre-cluich aig a bheil thu agus am buidseat agad agus nì iad cinnteach gum faigh thu an ionnsramaid ceart.

undefined

    Leasanan 

    Bidh feadhainn de daoine toilichte is comasach gu leòr iad fhèin a’ teagaisg ach bidh cuid eile feumach air leasanan. Thathar tric comasach iad seo fhaighinn tron sgoil ach tha ceudan de luchd-teagaisg prìobhaideach ann cuideachd. Bidh leasanan air leth feumail ‘s iad do chuideachadh leis na sgilean-bunaiteach (mar eisimpleir dè dh’ fheumas tu bidh a’ dhèanamh leis do làmhan fhad ‘s a thathar a’ cluich an giotàr, no leis d’ anail fhad ‘s a thathar a’ cluich an fhìdeag) agus na sgilean-adhartach mar ciamar a leughas tu ceòl bho pìos pàipear.

    Ma tha thu airson a bhidh ag ionnsachadh gun a bhidh a' phàigheadh airson leasanan ge-tà, tha an t-uabhas ri lorg air-loidhne air làraich-lìn mar YouTube a bhios na deagh cuideachadh dhut.

    undefined

    Amasan

    Tha thu a-nis air an ionnsramaid-ciùil agad a’ ceannach, tha thu air taghadh a’ dhèanamh eadar leasanan fhaighinn is do theagaisg fhèin, agus tha thu airson ag ionnsachadh ciamar a tha thu ga chluich. Ma thathar airson adhartachadh gu luath tha e cudromach gun cruthaich thu amasan dhut fhèin. Bu chòrr dhut 2 diofair seòrsa amasan a’ cruthachadh or tha na dithis seòrsa gad chuideachadh ann an diofair dòighean.

    Amasan geàrr-ùine: Cruthaich amasan geàrr-ùine dhut fhèin a tha furasta ruigsinn ann an àm beag, ‘s dòcha seachdain no dhà. ‘S urrainn iad seo a bhidh càil sam bith ach cha bu chòrr dha a bhidh ro doirbh, mar eisimpleir; ‘An seachdain-sa tha mi airson 2 chords ùr ag ionnsachadh air an guitar’. Cuidichidh iad seo leis d’ amasan fad-ùine a’ ruigsinn!

    Amasan fad-ùine: Cruthaich amasan fad-ùine dhut fhèin a tha nas doire ruigsinn is a tha gu bhidh dhith air barrachd ùine. ‘S urrainn iad seo a bhidh nan amasan airson mìos, bliadhna no fiù ‘s nas fhaide san àm ri teachd. Ge bith dè tha thu airson a’ dhèanamh le ceòl, leis a bhidh a’ cruthachadh amasan dhut fhèin agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil thu gan ruigsinn, bhrosnaichidh thu do sgilean beag air bheag fhad ‘s a tha àm a’ dol seachad.

    Cleachdadh 

    Tha cuid de na luchd-ciùil as fheàrr san t-saoghal a’ cuir seachad faisg air ochd uairean a thìde a’ cluich gach là. Chan fheum thu an urrad de àm sin a’ cur seachad ge-tà. Ma cuirear seachad fiù ‘s leth uair a thìde a’ cluich gach là, dèanadh sin diofair annasach dha na sgilean agad. “Practice makes perfect” mar a chanas iad sa Bheurla!

    undefined

    Ionnsaich an teòraidh.

    Tha fios againn nach e am pàirt spòrsail a tha seo ach tha e na cùis gu math cudromach. Nì e diofair mòr dha na sgilean agad agus cuidichidh e thu leis a bhidh a’ tuigsinn na h-adhbharan airson na diofair sgilean a dh’ fheumas tu a bhidh a’ cleachdadh. Cuidichidh seo thu gu mòr san àm ri teachd.

    undefined

    Ionnsaich le càraid

    ‘S urrainn seo a bhidh na deagh pìos spòrs agus bidh na dithis agaibh comasach a chèile cuideachadh leis na sgilean doirbh. Ma tha thu nad pearsa farpaiseach ‘s urrainn an co-fharpais-càirdeil a bhidh na deagh brosnaichear dhut cuideachd.

    Gabh spòrs!

    ‘S dòcha gur e seo am puing as cudromaiche san artaigil seo! Cuimhnich gun do thòisich thu ag ionnsachadh d’ ionnsramaid gus am biodh spòrs agad leis, mar sin na gabh cus dragh mar nach eil thu ag ionnsachadh ‘s ag adhartachadh cho luatha ‘s a bha thu an dùil - cùm ort!