10 Gliocasan Airson A Bhidh Sàbhailte a’ Geamaireachd in Rights

Brought to you by

Tha an t-uabhas againn a nis a’ cur seachad barrachd is barrachd àm a’ geamaireachd. ‘S docha gur e air an coimpiutair a tha sibh ga dhèanamh, no ‘s docha gur e air consoil sònraichte, fòn-làimh glic no tablaid. Ge bith cò an ùrlar, tha geamaireachd a-nis na pàirt de na beathannan againn uile.

Ma tha thu a’ geamaireachd leat fhèin, còmhla ri do chàraidean no gu h-àraidh le luchd-aineol air-loidhne, tha e cudromach gu bheil sibh mothachail air na cunnartan.

Cleachd na 10 gliocasan againn gus dèanamh cinnteach gu bheil sibh sàbhailte fhad ‘s a tha thu a’ geamaireachd.

 1. Dèan do h-inneal tèarainte

Dèan cinnteach gu bheil do cachaileith-theine nua-aimsireil no bidh daoine comasach do choimpiutair a’ bheàrnadh, bìorasan a’ cur a-steach ann no am mion-fhios agad a’ ghoid.

 2. Cùm do dhearbh-aithne dìobhair

Cha bu chòrr d’ ainm, do là-bhreath no càil sam bidh pearsanta eile a bhidh nad ainm-cleachdte. ‘S urrainn iad seo uile cuideigin a’ cuideachadh leis do dhearbh-aithne a’ ghoid. Cuideachd, ma tha dealbh geàrr-thuairisgeul no avatar a dhith, na cleachd fèineag idir.

 3. Cruthaich facal-faire làidir

Dèan fada is làidir i. Cleachd measgachadh de caractaran mòr is beag agus àireamhan cuideachd. Na cleachd faclan a’ ghabhas tomhais mar ainmean, ach aig an aon àm, dèan cinnteach gum bi cuimhne agad air!

4. Cùm do mhion-fiosrachaidh dìobhair

Nuair a tha thu a’ geamaireachd le daoine-aineol tha e cudromach gu bheil thu a’ cumail d’ ainm agus do mhion-fhiosrachaidh eile dìomhair. Ma tha thu a’ cluich le measgachadh de càraidean agus luch-aineol, cleachd na h-ainmean-cleachdaidh agaibh nuair a tha sibh a’ bruidhinn eadar a chèile an àite na h-ainmean ceart agaibh.

5. Blocaich agus cur aithisg

Nochdas burraidheachd uaireannan nuair a tha thu a’ geamaireachd agus ‘s urrainn cuideigin a’ toirt ort a bhidh a’ faireachdainn mi-chofhurtail. Ma tha seo a’ tachairt ‘s urrainn dhut do phàrantan innse agus/no a fuincsean ‘blocaich agus cur aithisg’ a’ cleachdadh.

Tha e cuideachd gu math cudromach a bhidh a’ smaointinn mun taobh eile agus a bhidh snog ris na daoine eile a tha air loidhne. Dèan gnìomh san dòigh a bhiodh tu airson fhaicinn bho cluicheadairean eile.

6. Bidh faicealach mu cosgaisean falaichte

Tha an t-uabhas de geamaichean ann a’ ghabhas cluich an-asgaidh ach feumar a bhidh faiceallach mu cosgaisean falaichte. Tha cuid aca airson gum pàigh thu airson inbhean is feartan ùra agus chan eil seo an còmhnaidh follaiseach. Cuir air cois facal-faire a dh’ fheumar a’ cur a-steach gach turas a tha thu air son rudeigin a’ ceannach taobh a-staigh nan geamaichean gus dèanamh cinnteach gum bidh fios agad gach turas a tha cosgais ann. Tha seo gu h-àraidh cudromach ma tha ceangail eadar do chunntas geamaireachd agus cairt-bhanca do phàrantan.

7. Bidh faicealach le camarathan-linn agus maicreafònaichean

Tha camarathan-linn agus maicreafònaichean nan deagh innealan airson a bhidh a’ bruidhinn ri do chàraidean fhad ‘s a tha sibh a’ geamaireachd. Tha e cunnartach iad seo a’ cleachdadh nuair a tha thu a’ cluich còmhla ri luchd-aineol ge-tà. Ma dh’ fheumar maicreafòn a’ cleachdadh ‘s docha gum bidh e na deagh bheachd tionndaire-guth a’ cleachdadh.

8. Chan fheum thu a bhidh a’ buannachadh

Cuimhnich nach fheum thu buannachadh a h-uile turas ‘s a tha thu a’ cluich. Tha còrr agad a bhidh a’ gabhail spòrs fhad ‘s a tha thu a’ geamaireachd agus tha e furasta seo a’ dhìochuimhnicheadh nuair a tha thu a’ chall.

9. Gabh fois

Tha e cudromach do àm a’ bhriseadh suas fhad ‘s a tha thu a’ geamaireachd (‘s e 15 mionaidean a-mach a gach uair a thìde a tha air a’ mholadh). ‘S urrainn duilgheadasan-slàinte a’ tighinn ort leis a bhidh a’ geamaireachd cus agus ‘s urrainn beagan àm air falbh bhon sgrìn do shùilean, d’ eanchainn agus fiù ‘s do chuid geamaireachd a’ cuideachadh!

10. Na luchdaich a-nuas geamaichean ach bho bunan earbsach

Tha an Apple App Store, am Playstation Store, Google Play, am Microsoft Store agus bùithtean air-loidhne eile den leithid gu math earbsach agus sàbhailte. Na cleachd achd iad seo no tha cunnart ann gun tèid bìorasan no bathar-bog droch-rùnach eile air an luchdadh a-nuas dhan inneal agad.

Gabh Spòrs!